share/hedgewars/Data/Locale/campaigns_gd.txt
author Wuzzy <Wuzzy2@mail.ru>
Thu, 25 Apr 2019 23:01:05 +0200 (2019-04-25)
changeset 14844 e239378a9400
parent 14197 3f6a6277f8e9
child 15192 2e1253771108
permissions -rw-r--r--
Prevent entering “/”, “\” and “:” in team and scheme names. The name of teams and schems is saved in the file name itself, so these characters would cause trouble as they are used in path names in Linux and Windows.
A_Classic_Fairytale.name="Seann-sgeul"

A_Classic_Fairytale-first_blood.name="Misean 1: A’ chiad fhuil"
A_Classic_Fairytale-first_blood.desc="Cuidich Cuilean-Chulainn ach an coilean e an t-oideachadh aige ’s an dèid e ’na ghaisgeach gràineige. Gheibh thu oideachadh ann an ealan an ròpa, a’ pharasiuit, an t-shoryuken ’s iolaire an fhàsaich."

A_Classic_Fairytale-shadow.name="Misean 2: Tha an sgàile a’ tighinn oirnn"
A_Classic_Fairytale-shadow.desc="Thèid Cuilean-Chulainn agus Neul-Neulach a shealg. Ullaich airson nan cunnartan a bhiod romhaibh sa choille. Cuimhnich gun roghnaich thu gu glic."

A_Classic_Fairytale-journey.name="Misean 3: An triall air ais"
A_Classic_Fairytale-journey.desc="Feumaidh Cuilean-Chulainn dol gu taobh eile an eilein. Bi luath is cùramach."

A_Classic_Fairytale-united.name="Misean 4: Seasaidh sinn còmhla"
A_Classic_Fairytale-united.desc="Thill Cuilean-Chulainn dhan bhaile aige às dèidh a thurais fhaide. Gidheadh, chan eil ùine ann gus anail a ghabhail. Feumaidh tu am baile a dhìon o fhearg nan canabailean."

A_Classic_Fairytale-backstab.name="Misean 5: An cùl-shàthadh"
A_Classic_Fairytale-backstab.desc="Tha na canabailean uabhasach an toir air Cuilean-Chulainn ’s a charaidean. Cuir ruaig orra a-rithist agus dìon do chaidreabhaich. Cleachd na stòrasan agad mar as iomchaidh gus ruaig a thoirt air na nàimhdean a thig a-steach!"

A_Classic_Fairytale-dragon.name="Misean 6: Làrach an dràgoin"
A_Classic_Fairytale-dragon.desc="Feumaidh ar gaisgeach taobh thall an locha a ruigsinn. Rach ’nad mhaighstir air a’ ròpa agus seachnaich astasan an nàmhad."

A_Classic_Fairytale-family.name="Misean 7: Tional an teaghlaich"
A_Classic_Fairytale-family.desc="Feumaidh ar gaisgeach na tùsanaich a shàbhaladh a-rithist. Cuir às dha ghràineagan an nàmhad agus saor do chuideachd. Cleachd an stòras agad gu cùramach o nach eil pailteas dheth ann. Drilig tuill air san àite cheart gus teannadh dlùth air a’ bhana-phrionnsa."

A_Classic_Fairytale-queen.name="Misean 8: Guma fada beò a’ bhànrigh"
A_Classic_Fairytale-queen.desc="Feumaidh na tùsanaich sabaid a-rithist. Feumaidh iad am brathadair a cheannsachadh agus a h-uile stòras a chaitheamh mus dèid an latha leotha. Cuiribh ruaig air an nàmhaid!"

A_Classic_Fairytale-enemy.name="Misean 9: Nàmhaid mo nàmhad"
A_Classic_Fairytale-enemy.desc="Abair car air an sgeulachd! Feumaidh Cuilean-Chulainn sabaid a dhèanamh air taobh nan… “canabailean” an aghaidh an nàmhad cumanta: Na cyborgaichean olca!"

A_Classic_Fairytale-epil.name="Misean 10: Crìoch-sgeòil"
A_Classic_Fairytale-epil.desc="Meal do naidheachd! Tha sìth aig Cuilean-Chulainn mu dheireadh thall is gheibh e urram o na caraidean ùra aige ’s a chinneadh. Bi moiteil à d’ euchdan! ’S urrainn dhut na miseanan roimhe a chluich a-rithist agus deiridhean eile a’ sgeòil fhaicinn."

A_Space_Adventure.name="Dàna-thuras san fhànas"
A_Space_Adventure-cosmos.name="Clàr-taice: Turas san fhànas"
A_Space_Adventure-cosmos.desc="Tha meatoraid ana-mhòr gu bhith bualadh air an Ugh, planaid nan gràineag. Ach am mair sibh beò, feumaidh tu Spìceach, am paidhleat as fhearr aig Comann nan Gràineag a stiùireadh air triall an fhànais mu na planaidean am fagas gus na 4 pìosan aig uidheam an-iom-tharraing a chruinneachadh a chailleadh o chionn aimsir!"
A_Space_Adventure-moon01.name="Prìomh-mhisean: A’ chiad stad"
A_Space_Adventure-moon01.desc="Laigh Spìceach air a’ ghealach gus connadh fhaighinn dhan t-soitheach aige ach ràinig an t-Ollamh Olc an t-àite roimhe agus ri esan fàth-feitheamh! Sàbhail luchd-rannsachaidh CnanG agus cuir ruaig air an Ollamh Olc!"
A_Space_Adventure-moon02.name="Misean far-bhealaich: An toir air a’ ghràineag ghorm"
A_Space_Adventure-moon02.desc="Tha Spìceach a’ tadhail air aonaran a tha ’na sheann-ghaisgeach CnanG ’s a’ fuireach air a’ ghealach gus fiosrachadh a chruinneachadh air dè tha an t-Ollamh Olc ris. Gidheadh, feumaidh e ruaig a chur air an aonaran, Dudar-Leum an ruithedair craicte, ann an rèis an toiseach!"
A_Space_Adventure-ice01.name="Prìomh-mhisean: Dàna-thuras reòite"
A_Space_Adventure-ice01.desc="Fàilte gu planaid na deighe. Tha i cho fuar an-seo nach obraich a’ mhòrchuid a dh’airm aig Spìceach. Feumaidh tu a’ phàirt chaillte fhaighinn o Shanntach, ceannard nan slaightearan le taic nan arm a lorgas tu ann!"
A_Space_Adventure-ice02.name="Misean far-bhealaich: Itealaich chruaidh"
A_Space_Adventure-ice02.desc="Cha b’ fhiach gun tadhladh Spìceach air planaid na deighe gun tadhal air Stèideam Oilimpeach na h-Itealaich Soithich! Dearbh na sgilean sgiathaidh agad sa mhisean seo agus faigh d’ àite air clàr nan curaidh!"
A_Space_Adventure-desert01.name="Prìomh-mhisean: Lorg san duslach"
A_Space_Adventure-desert01.desc="Laigh thu air planaid na gaineimh! Feumaidh Spìceach a’ phàirt a tha a dhìth a lorg sna tunailean fon talamh. Thoir an aire on a tha cùiltearan ri fàth-feitheamh ort!"
A_Space_Adventure-desert02.name="Misean far-bhealaich: Ruith gus mairsinn beò"
A_Space_Adventure-desert02.desc="Bha Spìceach a’ sireadh a’ phàirt san tunail seo nuair a thàinig tuile air gu h-obann! Tarraing às dhan uachdar agus thoir an aire nach buail thu ri mèinn."
A_Space_Adventure-desert03.name="Misean far-bhealaich: Itealaich phongail"
A_Space_Adventure-desert03.desc="Tha beagan ùine aig Spìceach airson beagan tlachd leis an itealan le smachd chèin aige. Stiùirich an t-itealan agus buail air na targaidean uile!"
A_Space_Adventure-fruit01.name="Prìomh-mhisean: Droch-àm"
A_Space_Adventure-fruit01.desc="Chan eil cùisean mar bu chòir air planaid nam meas. Chan eil na gràineagan a’ buain nam measan ach ag ullachadh airson a’ bhlàir. Feumaich tu co-dhùnadh a dhèanamh an teich thu no an sabaid thu."
A_Space_Adventure-fruit02.name="Prìomh-mhisean: A’ ruigsinn an uidheim"
A_Space_Adventure-fruit02.desc="Tha Spìceach a’ teannadh air a’ phàirt chaillte air planaid nam meas. An cuidich Caiptean Liomaid e ach am faigh e i gus nach cuidich?"
A_Space_Adventure-fruit03.name="Prìomh-mhisean: Losgadh pongail"
A_Space_Adventure-fruit03.desc="Chaidh Spìceach air seachran agus rinn na Sùbhan-làir Dearga fàth-feitheamh air. Cuidich e ach an cuir e às dhaibh gus am buannaich e connaidh airson an ath-mhisein “A’ ruigsinn an uidheim”."
A_Space_Adventure-death01.name="Prìomh-mhisean: An tachairt mu dheireadh"
A_Space_Adventure-death01.desc="’S e a’ phlanaid as mì-thorraiche a th’ ann am planaid a’ chrìonadh agus tha Spìceach glè dhlùth air pàirt mu dheireadh an uidheam a lorg oirre! Gidheadh, tha forbhas mì-thaitneach roimhe…"
A_Space_Adventure-death02.name="Misean far-bhealaich: A’ marbhadh nan eòlaichean"
A_Space_Adventure-death02.desc="Tha Spìceach ann an droch-staing a-rithist. Feuch an dèan a e’ chùis air na “5 gràineagan marbhtach”!"
A_Space_Adventure-final.name="Prìomh-mhisean: Am brag mòr"
A_Space_Adventure-final.desc="Feumaidh Spìceach stuthan-spreadhaidh a chaidh a chur air a’ mheatoraid a spreadhadh. Cuir taic dha ach an coilean e am misean aige gun leòn air!"