--- /dev/null Thu Jan 01 00:00:00 1970 +0000
+++ b/share/hedgewars/Data/Locale/gd.txt Sun Dec 17 00:09:24 2017 +0100
@@ -0,0 +1,549 @@
+; Scottish Gaelic locale
+
+00:00=Durcan-spreadhaidh
+00:01=Boma sgapaidh
+00:02=Bazooka
+00:03=Seillean-amasaidh
+00:04=Gunna-froise
+00:05=Piocaid ’s òrd
+00:06=Leig seachad
+00:07=Ròpa
+00:08=Mèinn
+00:09=Iolaire an fhàsaich
+00:10=Dineamait
+00:11=Bata ball-beusa
+00:12=Shoryuken
+00:13=diog
+00:14=Paraisiut
+00:15=Ionnsaigh adhair
+00:16=Buille mèinne
+00:17=Lòchran
+00:18=Togail
+00:19=Tele-portadh
+00:20=Gràineag eile
+00:21=Mortar
+00:22=Cuip
+00:23=Kamikaze
+00:24=Cèic
+00:25=Suirghe
+00:26=Boma meal-bhuic
+00:27=Durcan-spreadhaidh ifrinneach
+00:28=Rocaid tochlaidh
+00:29=Gunna-bhàlaichean
+00:30=Napalm
+00:31=Itealan le smachd chèin
+00:32=Iom-tharraing ìosal
+00:33=Barrachd dhochainn
+00:34=Do-leònaidh
+00:35=Barrachd ùine
+00:36=Fradharc leusair
+00:37=Sùgh fala
+00:38=Isneach fàtha
+00:39=Soitheach-itealaich
+00:40=Molotov Cocktail
+00:41=Eunan
+00:42=Tele-phortadh sgiobalta
+00:43=Clàrsach mòr
+00:44=Seann-chàise Limburg
+00:45=Gunna sìneis
+00:46=Gunna loisgidh
+00:47=Mèinn steigeach
+00:48=Òrd
+00:49=Uidheam aiseirigh
+00:50=Buille tochlaidh
+00:51=Bàla puill
+00:52=Gun arm
+00:53=Bogsa ama
+; 00:54=Structar
+00:54=Stealladh tìre
+00:55=Reòthadair
+00:56=Corc
+00:57=Bann rubair
+00:58=Mèinne adhair
+
+; 01:00=Loading …
+01:01=Cuairt co-ionnann
+01:02=bhuannaich %1!
+01:03=Fuaim %1%
+01:04=’Na stad
+01:05=Fàgail dha-rìribh? (Y/Esc) (Briog gus leantainn air adhart)
+01:06=Bàs obann!
+01:07=%1 air fhàgail
+01:08=Connadh
+01:09=’Ga shioncronachadh…
+01:10=Ma chleachdas tu an acainn seo, chan adhbharaich seo crìoch air a’ chuairt agad!
+01:11=Chan eil an t-arm no acainn seo ri làimh fhathast!
+01:12=A’ chuairt mu dheireadh ron bhàs obann!
+01:13=%1 c(h)uairt(ean) gun bhàs obann!
+01:14=Ullaichibh, %1!
+01:15=Beagan
+01:16=Ìosal
+01:17=Àbhaisteach
+01:18=Àrd
+01:19=Anabarrach
+01:20=Bocadh %1
+01:21=Fuaim mùchte
+01:22=Modh “Air falbh on mheur-chlàr”
+01:23=Camara fèin-obrachail dheth
+01:24=Camara fèin-obrachail air
+01:25=Brùth air a’ phutan amais gus comharra a chur ris an amas
+
+; Event messages
+; Hog (%1) died
+02:00=Thilg %1 suas an deò!
+02:00=Thriall %1!
+02:00=Cha robh %1 an dùil air seo idir!
+02:00=Thuirt %1 soraidh slàn!
+02:00=Shiubhail %1 gu àite nas fhearr!
+02:00=Dh’eug %1!
+02:00=Cha dèan %1 greim-bàis tuilleadh!
+02:00=Choilean %1 a dhleastanas!
+02:00=Chaidh %1 ’na bheò-ìobairt!
+02:00=Theast %1!
+02:00=Chrìochnaich %1!
+02:00=Dh’fhalbh an ùine air %1!
+02:00=Fhuair %1 sìth bhuan!
+02:00=Dh’fhàg sinn soraidh slàn aig %1!
+02:00=Chuir %1 a bhean is clann air cùl
+02:00=Cha tilg %1 bazooka tuilleadh
+02:00=Cha tilg %1 durcan-spreadhaidh tuilleadh
+02:00=Cha dèan %1 cèic tuilleadh
+02:00=Cha ghabh %1 dreallag air ròp tuilleadh
+02:00=Cha dèan %1 ionnsaigh-adhair tuilleadh
+02:00=Cha loisg %1 gunna-froise tuilleadh
+02:00=Cha tilg %1 meal-bhuc tuilleadh
+02:00=Cha do mhair %1
+02:00=Siud deireadh %1
+02:00=Bu mhath le %1 creat slàinte
+02:00=Dh’fhalbh %1 gus geama nas fhearr a chluich
+02:00=Thàinig an latha a bheir %1 suas
+02:00=Cha deach an latha le %1
+02:00=%1 a thruaghain …
+02:00=Tha %1 dheth
+02:00=Bhac %1 peilearan le aodann
+02:00=Tha %1 ’na shàr-ghaisgeach am measg nan daoi… gràineagan
+02:00=Sheòl %1 gu Tìr nan Òg
+02:00=Dh’fhalbh %1
+02:00=Lean %1 air na dìneasaran
+02:00=Saoil an adhbharaich %1 gun tèid gràineagan à bith?
+02:00=Tha sinn a’ caoineadh %1
+02:00=Chaidh %1 gu clos
+02:00=Sheòl %1 an caolas
+02:00=Chaidh %1 a dhìth
+02:00=Can mar sin leat ri %1
+02:00=Chan eil dòchas air %1 tuilleadh
+02:00=Dh’eugnaich %1
+02:00=Chan eil %1 ann tuilleadh
+02:00=Thàinig ceal air %1
+02:00=Chaochail %1
+02:00=Tha %1 cho marbh ri sgadan
+02:00=Chan eil %1 ann tuilleadh
+02:00=Theirig %1
+02:00=Fois shìorraidh gun robh aig anam %1
+02:00=Chaidh %1 a mhùthadh
+02:00=Tha %1 ullamh!
+02:00=Cha tàinig ri %1 gun losgte air
+02:00=Bu mhath le %1 beatha a bharrachd
+02:00=A bheil lighiche ann?
+
+; Hog (%1) drowned
+02:01=Tha %1 a’ cluich le bàta-tumaidh!
+02:01=Chuir %1 dreach na Titanic air!
+02:01=Rinn %1 snàmh mar chlach!
+02:01=Tha %1 a’ fleòdradh mar bhreige!
+02:01=Tha %1 a’ toirt sùil air a’ cheann dhomhain
+02:01=Tha %1 a’ dèanamh glug glug glug
+02:01=Tha %1 a’ plubadh
+02:01=Dhìochuimhnich %1 na bannan-gàirdein
+02:01=B’ fheairrde %1 snàmh ionnsachadh
+02:01=Dh’fhàg %1 am bòrd-surfaidh aig an taigh
+02:01=Chaidh %1 a sguabadh air falbh leis a’ mhuir
+02:01=Tha %1 cho fliuch ris a’ mhuc eile
+02:01=Cha do chuir %1 seacaid-teasairginn air
+02:01=Tha %1 a’ dèanamh slub-slab
+02:01=Tha %1 ’na chadal leis na h-èisg
+02:01=Chan eil %1 dèidheil air fiosaigeachd an uisge sa gheama seo
+02:01=Tha coltas a’ phathaidh aig %1
+02:01=Shiubhail %1 sa mhuir
+02:01=Chair %1 air chall air fairge
+02:01=Cha dug %1 uidheamachd daoibhigidh leis
+02:01=Chaidh %1 adhlacadh aig muir
+02:01=Chaith %1 an cuan
+02:01=Tha %1 a’ feuchainn ri snàmh-droma ionnsachadh
+02:01=Chaidh %1 an toir air a’ Titanic
+02:01=Cha deach le %1 coiseachd air a’ mhuir
+02:01=Tha %1 a’ lorg Nemo
+02:01=Fhuair %1 a mhuir
+02:01=Saoil co mheud gràineag a tha shìos an-siud?
+02:01=Rinn %1 a’ mhuir beagan nas àirde
+02:01=Cha deach %1 air a’ chabhlach
+02:01=Chuir %1 dreach an èisg mhairbh air
+02:01= Tha %1 a’ sgrùdadh grunnd na fairge
+02:01=Rinn %1 buille gun snàmh
+02:01=Chaidh %1 ithe le beul na mara
+02:01=Tha %1 a’ coiseachd fon mhuir
+02:01=Lorg %1 baile caillte Atlantis
+02:01=Chan eil %1 math air plubraich
+02:01=Riaslaich %1 an cuan
+02:01=Bhuail %1 air a’ mhuir
+02:01=Chan eil builgeadh math dha %1
+02:01=Tha %1 gann a ràth
+02:01=Tha %1 dhen bheachd gu bheil sàl math airson a’ chraicinn
+02:01=Fhuair %1 sàl ’na lotan
+02:01=Chaidh %1 air a cheann dìreach a-mach air a’ mhuir
+02:01=Ghabh %1 amar
+02:01=Tha %1 fliuch bàithte
+02:01=Tha %1 cho fliuch ri iasg
+02:01=Leig %1 e fhèin sìos dhan ghrunnd
+
+; Round starts
+02:02=Dèanamaid sabaid!
+02:02=Astas air lagh!
+02:02=Deiseil is deònach?
+02:02=Tòisicheamaid!
+02:02=A bheil thu deònach orra?
+02:02=Buannaichidh a’ ghràineag as seasmhaiche
+02:02=Siuthadaibh!
+02:02=Dèan deas!
+02:02=Ullaich!
+02:02=Thòisich e…
+02:02=Gabh orra!
+02:02=Fàilte gu Hedgewars
+02:02=Fàilte gu toiseach an airm
+02:02=Mill do nàimhdean!
+02:02=Gum buannaich a’ ghràineag as fhearr
+02:02=Buaidh no bàs
+02:02=Gheibh am fear a bhuannaicheas an creach
+02:02=Chan fhaod sinn call
+02:02=Dèan cogadh!
+02:02=Hedgewars, ’ga thoirt dhut le Hedgewars.org
+02:02=Gura math a thèid leat ’s gabh tlachd!
+02:02=Nach math dhut nach eil thu a’ sabaid an aghaidh Tiyuri
+02:02=Nach math dhut nach eil thu a’ sabaid an aghaidh unC0Rr
+02:02=Nach math dhut nach eil thu a’ sabaid an aghaidh Nemo
+02:02=Nach math dhut nach eil thu a’ sabaid an aghaidh Smaxx
+02:02=Nach math dhut nach eil thu a’ sabaid an aghaidh Jessor
+02:02=Cuir do shaothair uile an cleachdadh ri gnìomh!
+02:02=Nì an fheadhainn a chailleas an sgioblachadh!
+02:02=Feumaidh tu sabaid mus tog thu an creach
+02:02=Gun tòisich cath an linn
+02:02=Gun tòisich cath an deicheid
+02:02=Gun tòisich cath a’ bhliadhna
+02:02=Gun tòisich cath a’ mhìosa
+02:02=Gun tòisich cath na seachdaine
+02:02=Gun tòisich cath an latha
+02:02=Gun tòisich cath na h-uarach
+02:02=Dèan do dhìcheall!
+02:02=Sgrios an nàmhaid!
+02:02=Gura math a thèid leat
+02:02=Gabh tlachd
+02:02=Dèan sabaid mhath
+02:02=Dèan sabaid shuarach
+02:02=Dèan sabaid onarach
+02:02=Na gèill
+02:02=Na gèill gu bhràth
+02:02=Mill iad!
+02:02=Cuir an sìneadh orra!
+02:02=A bheil thu deònach air beagan spòrs?
+02:02=Tiugainn!
+02:02=A ghràineagan, air adhart!
+02:02=Thoiribh dhàsan e!
+02:02=Na bhiodh an t-eagal ort!
+02:02=Bi dàna is ceannsaich
+
+; Round ends (team/clan %1 wins)
+; TODO: Translate the other messages from en.txt
+02:03=bhuannaich %1!
+
+; Round ends (draw)
+; TODO: Translate the other messages from en.txt
+02:04=Cuairt co-ionnann
+
+; New health crate
+02:05=Tha cobhair a’ tighinn!
+02:05=Lighiche!
+02:05=Ciad chobhair o na speuran!
+02:05=Seo pacaid slàinte dhut
+02:05=Slàinte mhath… ann am bogsa!
+02:05=Tha lighiche a’ tadhal ort
+02:05=Plàstairean ùra!
+02:05=Bidh thu a’ faireachdainn nas fhearr a dh’aithghearr
+02:05=Gabhaidh seo leigheas
+02:05=Beagan spionnadh ort!
+02:05=Tog e
+02:05=Mias fhallain
+02:05=Leigheas dhan phian
+02:05=Chan eil dòs iomchaidh ann ach an t-uiread a gheibh thu greim air!
+02:05=Lìbhrigeadh èiginneach
+02:05=Stòrasan!
+
+; New ammo crate
+02:06=Barrachd airm!
+02:06=Foirlionadh!
+02:06=Loisgeamaid orra!
+02:06=Saoil dè an t-arm a tha ’na bhroinn?
+02:06=Stòras!
+02:06=Saoil dè th’ ann?
+02:06=Thàinig an Nollaig tràth ann an Hedgewars
+02:06=Seo tìodhlac dhut!
+02:06=Lìbhrigeadh sònraichte!
+02:06=Abair dragh a chur a’ chusbainn oirnn
+02:06=Dèideagan millteach on speur
+02:06=Rabhadh! Susbaint luaineach
+02:06=Tog no spreadh e a-rèir do thoil
+02:06=Math math!
+02:06=Connadh cunnartach
+02:06=Bogsa dhe chumhachd millteach
+02:06=Post-adhair!
+02:06=Ge b’ e dè tha sa bhogsa ud, chan e ceann-cropaig a th’ ann
+02:06=Faigh e!
+02:06=Tha airm a’ tighinn
+02:06=Nach fhaigheadh an nàmhaid greim air siud!
+02:06=Dèideagan ùra gleansach!
+02:06=Bogsa dìomhair!
+
+; New utility crate
+02:07=Àm nan acainnean!
+02:07=Bidh seo feumail gun teagamh…
+02:07=Goireasan!
+02:07=Cuir am bogsa seo gu feum
+02:07=Thoir an aire gu h-ìosal
+02:07=Barrachd goireasan!
+02:07=Acainnean dhut!
+02:07=Feumaidh gu bheil seo math!
+02:07=Cleachd seo gu glic
+02:07=Abair thusa gu bheil am bogsa seo trom
+02:07=Saoil am bi seo gu feum dhut?
+
+; Hog (%1) skips his turn
+02:08=Abair thusa gu bheil %1 ràsanach…
+02:08=Tha %1 coma
+02:08=Tha %1 ’na ghraineag leisg
+02:08=Chan eil beachd aig %1
+02:08=Ghèill %1
+02:08=Thoir an aire no caillidh tu, %1
+02:08=Tha %1 na leisgear
+02:08=Tha %1 cho leisg ri cù na sitig
+02:08=Tha beagan brosnachaidh a dhìth air %1
+02:08=Tha %1 ’na shìochantair
+02:08=Tha %1 a’ leigeil anail
+02:08=Tha %1 a’ gabhail fois
+02:08=Tha %1 air a s(h)ocair
+02:08=Chan eil misneachd aig %1
+02:08=Chuir %1 roimhe gun a bhith a’ dèanamh dad
+02:08=Tha %1 an dùil gun dèan an nàmhaid sgrios air fhèin
+02:08=Chan eil %1 dèidheil air hòrò-gheallaidh
+02:08=Tha %1 ’ga f(h)alach
+02:08=Cha do ghabh %1 an cothrom seo
+02:08=Shaoil %1… gun a bhith a’ dèanamh dad
+02:08=’S e buigean a th’ ann an %1
+02:08=Is gealltair %1
+02:08=Ghabh %1 eagal
+02:08=’S e gealtair a th’ ann an %1!
+02:08=Tha %1 a’ feitheamh air a’ bhàs obainn
+02:08=Cha toil le %1 sabaid
+02:08=Chan eil %1 cinnteach carson a tha e beò
+02:08=Cha robh amas aig %1 a-riamh
+02:08=Cha robh %1 airson gabhail san arm co-dhiù
+02:08=Sguir dhe bhith a’ caitheamh ar n-ùine, %1
+02:08=’S e briseadh-dùil a th’ annad, %1
+02:08=Siuthad is dèan nas fhearr, %1!
+02:08=Chaill %1 a mhisneachd
+02:08=Saoil a bheil an aire aig %1 air rudan nas inntinniche?
+02:08=Tha %1 chun a bhith gòrach leis an eagal
+02:08=Thuit %1 ’na chadal
+
+; Hog (%1) hurts himself only
+02:09=Chan eil amas math aig %1!
+02:09=Tha coltas gur lugha air %1 e fhèin
+02:09=Sheas %1 air an taobh chearr!
+02:09=Saoil a bheil %1 ri fèin-mhurt?
+02:09=Fhuair %1 greim air taobh cearr an airm
+02:09=Is %1 an gille crùbaich as a’ ghleann
+02:09=Is toigh le %1 pian
+02:09=Tha %1 coma mu mhairsinn beò
+02:09=Rinn %1 bùrach dheth
+02:09=Rinn %1 tòn dheth
+02:09=Abair droch amas a bh’ agad, %1
+02:09=Tha %1 caran mì-chùramach a thaobh airm chunnartach
+02:09=Saoil am bhiodh dreuchd eile a’ tighinn air %1?
+02:09=Abair thusa gun robh sin uabhasach dona!
+02:09=Obh ob %1 a sheòid, ’s ann air an nàmhaid a dh’fheumas tu losgadh!
+02:09=Cha bu chòir dha %1 milleadh ach an nàmhaid
+02:09=Tha am fèin-mhurt gu bhith tighinn air %1
+02:09=Thug %1 cobhair dhan nàmhaid
+02:09=Nach tusa a tha gòrach, %1
+02:09=Tha %1 dhen bheachd nach dèanar math gun mhulad
+02:09=Tha %1 troimhe chèile
+02:09=Leòin %1 e fhèin
+02:09=Tha %1 math air a nàrachadh fhèin
+02:09=’S e crògaire a th’ ann an %1!
+02:09=Tha %1 slibist
+02:09=Sheall %1 dhan nàmhaid dè na comasan a th’ air
+02:09=Chan urrainn dha %1 bhith foirfe gach turas
+02:09=Na gabh dragh %1 gu bheil thu ’nad amadan
+02:09=’S ann air aona-ghnothach a rinn %1 seo
+02:09=Cha chan mi guth mus can thu fhèin, %1
+02:09=Abair nàire!
+02:09=Tha mi cinnteach nach fhaca duine beò sin, %1
+02:09=Tha %1 feumach air barrachd oideachaidh
+02:09=Tha e follaiseach gun deach rudeigin cearr leis an arm aig %1
+
+; Hog shot an home run (using the bat and another hog)
+02:10=A’ seòladh nan neul!
+02:10=Seallaibh na dh’èirich air …
+02:10=Mach, mach!
+
+; Hog (%1) has to leave (team is gone)
+02:11=Feumaidh %1 a dhol innte!
+02:11=Tha %1 ro thrang airson cluiche
+02:11=Chaidh %1 air chall!
+02:11=Feumaidh %1 falbh
+
+; Weapon Categories
+03:00=Durcan-spreadhaidh le tìmear
+03:01=Durcan-spreadhaidh le tìmear
+03:02=Arm tilgeil
+03:03=Arm stiùirichte
+03:04=Gunna (iomadh losgadh)
+03:05=Acainn tochlaidh
+03:06=Gnìomh
+03:07=Goireas siubhail
+03:08=Boma fagasachd
+03:09=Gunna (iomadh losgadh)
+03:10=DÙD!
+03:11=Buille!
+03:12=Ealain còmhraige
+03:13=GUN CHLEACHDADH
+03:14=Goireas siubhail
+03:15=Ionnsaigh adhair
+03:16=Ionnsaigh adhair
+03:17=Acainn tochlaidh
+03:18=Goireas
+03:19=Goireas siubhail
+03:20=Gnìomh
+03:21=Arm tilgeil
+03:22=Can Indiana rium!
+03:23=Fìor-ealain còmhraige
+03:24=Chan e breug a tha sa chèic seo!
+03:25=Arm tarraingeach
+03:26=Durcan-spreadhaidh sùghach
+03:27=Durcan-spreadhaidh teinnteach
+03:28=Arm tilgeil
+03:29=Arm tilgeil
+03:30=Ionnsaigh adhair
+03:31=Boma le smachd chèin
+03:32=Buil shealach
+03:33=Buil shealach
+03:34=Buil shealach
+03:35=Buil shealach
+03:36=Buil shealach
+03:37=Buil shealach
+03:38=Gunna (iomadh losgadh)
+03:39=Goireas siubhail
+03:40=Durcan-spreadhaidh losgaidh
+03:41=Glè dhèidheil air sgreuchail
+03:42=Gabhaidh mi nòta…
+; the misspelled "Beethoven" is intentional (-> to beat)
+03:43=Seinnidh e marbhrann
+03:44=Best before: 1923
+03:45=Cumhachd an t-saidheins
+03:46=Teth teth teth!
+03:47=Steig àiteigin feumail i!
+03:48=Cead òrd a bhualadh air bàirnich
+03:49=’S ann gun ifrinn a thilleas na mairbh!
+03:50=Dèidheil air famhan
+03:51=Lorg sinn e air an làr
+03:52=GUN CHLEACHDADH
+03:53=Seòrsa 40
+;03:54=Tog rudeigin
+03:54=Goireas
+03:55=Chan fhàs i nas fhionnaire na seo!
+03:56=Dèan cleachdadh no droch chleachdadh
+03:57=Goireas
+03:58=Boma fagasachd air fhleòd
+
+; Weapon Descriptions (use | as line breaks)
+04:00=Thoir ionnsaigh air na nàimhdean agad le durcan-spreadhaidh simplidh.|Spreadhaidh e nuair a ruigeas an tìmear aige neoni.|1-5: Suidhich tìmear an durcain|Amas pongail + 1-5: Suidhich neart a’ bhocaidh|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart
+04:01=Thoir ionnsaigh air na nàimhdean agad le boma sgapaidh.|Thèid a sgapadh ’na bomaichean beaga nuair a ruigeas|an tìmear aige neoni.|1-5: Suidhich tìmear a’ bhoma|Amas pongail + 1-5: Suidhich neart a’ bhocaidh|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart
+04:02=Thoir ionnsaigh air do nàimhdean le pròiseactal-tilgidh|air an dig buaidh na gaoithe ma dh’fhaoidte.|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart
+04:03=Cuir seillean spreadhach gu dol a nì lorg air an amas a thagh thu.|Na loisg le làn-chumhachd e gus am bidh e nas pongaile.|Cùrsair: Tagh an t-amas|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart
+04:04=Thoir ionnsaigh air an nàmhaid agad le gunna-froise|a ghabhas losgadh dà thuras. Ri linn an sgapaidh,|cha leig thu leas a bhith pongail gus cron a dhèanamh|air na nàimhdean agad.|Ionnsaigh: Loisg (iomadh turas)
+04:05=Gluais fon talamh! Cleachd piocaid ’s òrd gus toll san talamh|a dhriligeadh agus raointean eile a ruigsinn.|Ionnsaigh: Tòisich no cuir stad air tochladh|Clì/Deas: Gluais rè an driligidh
+04:06=A bheil thu seachd searbh?|Gun dòigh gus ionnsaigh a thoirt?|Airson an connadh agad a shàbhaladh?|Chan eil seo ’na dhuilgheadas!|Nach leig thu seachad a’ chuairt agad, a ghealtair?|Ionnsaigh: Leig seachad a’ chuairt agad gun sabaid
+04:07=Rach astar mòr a’ tilgeadh an ròpa gu sgileil. Cleachd an rot agad gus leum air|gràineagan eile no leig às durcain-spreadhaidh is airm eile orra.|Ionnsaigh: Tilg no leig às an ròpa|Suas/Sìos: Leudaich/Giorraich an ròpa|Leum fada: Leig às durcan-spreadhaidh no arm coltach ris
+04:08=Cum na nàimhdean air falbh ’s tu a’ leigeil mèinn am badeigin|cumhang no dìreach fon chasan.|Dèan cinnteach gun cùlaich thu air eagal gun spreidh thu fhèin i!|Ionnsaigh: Leig às a’ mhèinn ri taobh do chois|Amas pongail + 1-5: Suidhich neart bocadaich na mèinne
+04:09=Nach eil thu math air amas? Cleachd iolaire an fhàsaich|gus ionnsaigh a thoirt le suas ri ceithir losgaidhean.|Ionnsaigh: Loisg (iomadh turas)
+04:10=Nì ainneart a’ chùis gu tric. Leig às an stuth-spreadhaidh|clasaigeach seo ri taobh do nàimhdean agus cùlaich.|Ionnsaigh: Leig às dineamait ri taobh do chois
+04:11=Thoir slaic air gràineagan eile le bata gus an dèid iad|thar oir a’ mhapa no dhan uisge.|No am put thu mèinnean cha na caraidean agad?|Ionnsaigh: Buail le bata air a h-uile càil air do bheulaibh
+04:12=Thig faisg air do nàimhdean le cumhachd an ealain|còmhraige seo a tha caran marbhtach.|Ionnsaigh: Dèan Shoryuken iongantach.
+04:13=GUN CHLEACHDADH
+04:14=Nach toigh leat an àirde? Faigh greim air paraisiut. Thèid a neo-phasgadh gu|fèin-obrachail nuair a thuiteas tu ro fhada agus sàbhailidh e do ghràineag|o dhochann tuiteim.|Ionnsaigh: Neo-phaisg no cuir à comas am paraisiut a làimh|Clì/Deas/Suas/Sìos: Stiùirich far an sgiathaich thu|Leum fada: Leig às durcan-spreadhaidh no arm coltach ris
+04:15=Iarr itealan a bheir ionnsaigh air na nàimhdean agad|le bomaichean.|Clì/Deas: Tagh comhair na h-ionnsaighe|Cùrsair: Tagh raon amais
+04:16=Iarr itealan leigeas às bomaichean san raon-amais.|Clì/Deas: Tagh comhair na h-ionnsaighe|Cùrsair: Tagh raon amais
+04:17=A bheil thu feumach air fasgadh? Cleachd an lòchran gus|tunail a thochladh san talamh a bheir fasgadh dhut.|Ionnsaigh: Tòisich air no sgur dhen tochladh|Suas/Sìos: Atharraich comhair an tochlaidh
+04:18=A bheil barrachd dìona a dhìth ort no a bheil thu airson dol thairis air talamh nach|urrainn dhut coiseachd air? Cuir teannadairean ann far an togair thu.|Clì/Deas: Tagh teannadair ri chur ann|Cùrsair: Cuir an teannadair air ionad dligheach
+04:19=Ma chleachdas tu aig an àm cheart e, faodaidh tele-phortadh a bhith nas|cumhachdaiche na cha mhòr arm sam bith on a leigeas e leat gràineag|a shàbhaladh o shuidheachadh cunnartach ann an tiotag.|Cùrsair: Tagh raon amais|clì/Deas: Tagh comhair na h-aghaidh
+04:20=Leigidh seo leat a’ chuairt làithreach a ghabhail le gràineag eile.|Ionnsaigh: Cuir atharrachadh ghràineagan an comas|Dèan suids: Tagh an ath-ghràineag|Amas pongail + Dèan suids: Tagh a’ ghràineag roimhpe
+04:21=Loisg astas a sgaoileas iomadh peilear nuair a bhuaileas e.|Thèid na peilearan a thilgeil air ais agus tha iad nas|cunnartaiche na am prìomh-pheilear.|Ionnsaigh: Loisg le làn-chumhachd
+04:22=Chan eil seo gu feum dha Indiana Jones a-mhàin!|’S e arm feumail a tha sa chuip ann an iomadh suidheachadh.|Gu h-àraidh nuair a bhios tu airson cuideigin a bhrùthadh far chreag.|Ionnsaigh: Buail air a h-uile càil air do bheulaibh
+04:23=Mur eil dòchas eile ann tuilleadh, faodaidh seo a bhith goireasach gu leòr.|Dèan ìobairt dhe do ghràineag agus tilg i an comhair shònraichte gus|dochann a dhèanamh air càil sam bith ’na rathad.|Spreidhidh i air an deireadh.|Ionnsaigh: Thoir ionnsaigh sgriosail mharbhtach
+04:24=Co-là breith sona dhut! Cuir a’ chèic seo gu dol ach an dèid i gu|taobh do nàimhdean ach am bi hòro-gheallaidh spreadhach aca.|Gheibh a’ chèic thar cha mhòr tìr sam bith ach dh’fhaoidte gun|spreidh i nas tràithe mar sin.|Ionnsaigh: Cuir a’ chèic gu dol no cuir stad is spreadhadh oirre
+04:25=Nuair a chuireas tu a’ chulaidh seo air do ghràineag,bidh i|cho tarraingeach nach e ruith ach leum a th’ ann dha na|gràineagan faisg oirre on a thèid an dalladh leis|a’ ghaol (agus ’s dòcha gun dèid iad ann am beàrn no toll).|Leaghaidh lasair na suirghe seo fiù ’s cridhean ghràineagan reòite.|Ionnsaigh: Dèan suirghe nach gabh diùltadh
+04:26=Tilg a’ mheal-bhuc sùghail (is sgeingeach) air na nàimhdean. Nuair a dh’fhalbhas an ùine air an tìmear, thèid a sgapadh ’na bomaichean beaga.|1-5: Suidhich tìmear na meal-bhuic|Ionnsaigh: Cum sìos gus a tilgeil le barrachd neart
+04:27=Dòirt teine ifrinneach air do nàimhdean leis an stuth-spreadhaidh mallaichte seo. Cum air falbh on spreadhadh on a dh’fhaodas teinntean beaga maireachdainn greis.|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart
+04:28=Greis às dèidh dhut an rocaid seo a chur gu dol, tòisichidh i|air tochladh ron làr agus spreadhaidh i nuair a thèid a fiùsa air|no nuair a ruigeas i an uachdair a-rithist.|Ionnsaigh: Cum sìos gus a cur gu dol le barrachd neart
+04:29=Chan eil an t-inneal seo iomchaidh dhan chlann! Loisgidh an gunna-bhàlaichean torr bhàlaichean beaga dathte a tha làn stuth-spreadhaidh.|Ionnsaigh: Loisg le làn-neart|Suas/Sìos: Lean ort ’ga amas
+04:30=Iarr itealan a bheir ionnsaigh cumhachdach le napalm.|Leis an amas cheart, millidh an ionnsaigh seo raon mòr|dhen tìr, a’ gabhail a-steach nan gràineagan mì-fhortanach|a tha ’nan seasamh ann.|Clì/Deas: Tagh comhair na h-ionnsaighe|Cùrsair: Tagh raon amais
+04:31=’S e an t-arm as fhearr gus creataichean a thogail no ionnsaigh a thoirt air gràineagan fad air falbh a tha san itealan le smachd chèin. Buail ri nàmhaid leis no leig às bomaichean an toiseach.|Ionnsaigh: Cuir an t-itealan gu dol no leig às boma|Leum fada: Dèan còmhrag|Clì/Deas: Stiùirich an t-itealan
+04:32=Tha iom-tharraing ìosal nas èifeachdaiche na daithead sam bith! Leum nas àirde is nas fhaide no tilg na nàimhdean agad nas fhaide.|Ionnsaigh: Gnìomhaich
+04:33=Aig amannan, chan eil a dhìth ort ach beagan dochainn a bharrachd. Ma ghnìomhaicheas tu seo, thèid 50% a chur ris an dochann gu deireadh na cuairte.|Ionnsaigh: Gnìomhaich
+04:34=Chan fhulaing thu dochann gu deireadh do chuairt. Na bi ro bhragail co-dhiù on a ghabhas do bhàthadh fhathast.|Ionnsaigh: Gnìomhaich
+04:35=Faodaidh gum falbh an ùine ort ro luath.|Faigh 30 diog a bharrachd gus an ionnsaigh agad a thoirt gu buil.|Ionnsaigh: Gnìomhaich
+04:36=Uill, nach eil sgilean amais a dhìth ort? Faigh beagan taice le teicneolas ùr-nòsach.|Ionnsaigh: Gnìomhaich
+04:37=Na cuireadh solas an latha an t-eagal ort! Cha mhair e ach cuairt agus sùghaidh tu 80% dhen dochann a dh’fhulaingeas na gràineagan eile.|Ionnsaigh: Gnìomhaich
+04:38=Faodaidh an isneach fàtha a bhith ’na arm as milltiche san arm-lann agad|ach chan eil i èifeachdach idir ma tha an t-amas faisg ort.|Mar as fhaide air falbh an t-amas ’s ann as motha a bhios an dochann a nì i.|Tha i doirbh tomhadh, mar sin feumaidh tu fuireach far a bheil thu fhad ’s a|bhios an t-arm seo an gnìomh.|Ionnsaigh: Gnìomhaich am fradharc-leusair agus loisg an uairsin (dà thuras)|Clì/Deas: Tionndaidh an chomhair do chùil (eadar dà losgadh)
+04:39=Sgiathaich gu sgìre eile a’ mhapa leis an t-soitheach-itealaich. Bheir an goireas seo|a tha doirbh làimhseachadh cha mhòr gu àite sam bith air a’ bhlàr thu.|Ionnsaigh: Gnìomhaich/Cuir à gnìomh|Cuas/Clì/Deas: Luathachadh goirid dhan chomhair sin|Leum fada: Leig às durcan-spreadhaidh no airm coltach riutha|Amas pongail + leum fada: Tilg arm dhan chrois-ribe|Amas pongail + Suas/Sìos: Gleus an tomhadh
+04:40=Cuir teine air an làr leis a’ bhotal seo a tha làn lionna|a loisgeas (an ceann greis).|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart
+04:41=Seo dearbhadh gu bheil an nàdar as cumhachdaiche na an soitheach-itealaich.|Giùlainidh an t-eunan do ghràineag mu thimcheall agus leigidh e uighean air|na nàimhdean gus am puinnseanachadh!|Bi luath on a chaitheas an t-eunan ùine na cuairte agad!|Ionnsaigh: Gnìomhaich is leig às uighean|Suas/Clì/Deas: Clap sgiathan ’na chomhair sin
+04:42=Bheir an t-inneal tele-phortaidh so-ghiùlan seo nithean on dàrna ionad dhan ionad eile sa bhad – thu fhèin, nàmhaid no airm.|Cleachd gu glic e ach an dèid an latha leat!|Aithris-àichidh: Chan obraich e air bann rubair.|Ionnsaigh: Tilg doras|Dèan suids: Atharraich dath an dorais
+04:43=Cuir an t-iongnadh air càch le do chuid ciùil!|Tuit clàrsach mòr o na speuran|a mhilleas gad rud ’na rathad ach thoir an aire:|Thèid do ghràineag ’na h-ìobairt gus an clàrsach a ghairm.|Cùrsair: Tagh raon amais|F1-F9: Seinn air a’ chlàrsach
+04:44=Chan e càise a th’ ann ach cogadh bith-eòlach! Cha dèan e mòran|dochainn nuair a ruigeas an tìmear neoni ach thèid gràineag|sam bith a bheir fàileadh às a phuinnseanachadh!|1-5: Suidhich an tìmear|Amas pongail + 1-5: Suidhich neart a’ bhocaidh|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart
+04:45=Gheibh thu buannachd às an eòlas-nàdair mu dheireadh thall!|Cuir gu dol tonn sìneis marbhtach a loisgeas tron tìr.|Thoir an aire on a tha bualadh air ais làidir aig an arm seo.|Ionnsaigh: Loisg
+04:46=Còmhdaich do nàimhdean le lasair theth.|Bheir i tiomachadh air an cridheachan!|Ionnsaigh: Gnìomhaich|Suas/Sìos: Lean ort ’ga amas|Clì/Deas: Gleus neart an steallaidh
+04:47=Thoir an dà latha air do nàimhdean le dà mhèinn steigeach spèiceach shlìogach.|Suidhich frith-spreadhadh no dìon thu fhèin (no an dà chuid!)|Ionnsaigh: Cum sìos gus an tilgeil le barrachd neart
+04:48=Carson nach rachadh bualadh ach air famhan?|Tha bualadh air gràineag (no mèin, no baraill) a cheart cho tlachdmhor!|Bheir bualadh math leis an òrd seo an treas cuid a shlàinte o ghràineag|(no an dàrna leth le barrachd dochainn) agus cuiridh e fon talamh i.|Ionnsaigh: Gnìomhaich
+04:49=Dèan ìobairt dhe do shlàinte gus do charaidean aiseirigh!|Ach thoir an aire gun dèid do nàimhdean aiseirigh cuideachd.|Ionnsaigh: Cum sìos gus an aiseirigh gu slaodach|Suas: Luathaich an aiseirigh
+04:50=A bheil cuideigin ’na fhalach fon talamh?|Thoir dhan uachdar iad le buille tochlaidh!|Stiùirichidh an tìmear dè cho domhainn ’s a thochlas e.|Clì/Deas: Tagh comhair na h-ionnsaighe|1-5: Suidhich an tìmear|Cùrsair: Tagh raon amais
+04:51=Faigh losgadh an-asgaidh ’s tu a’ tilgeil bàla puill.|Cha dèan e dochann ach putaidh e gràineagan is nithean.|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart
+04:52=GUN CHLEACHDADH
+04:53=Gabh sgrìobag thar àm is rum fhad ’s a dh’fhàgas tu do chuideachd|a’ sabaid ’nan aonar. Bi an dùil air tilleadh uair sam bith no air bàs|obann ma thèid an ruaig uile.|Aithris-àichidh: Chan obraich e ann am modh a’ bhàir obainn|ma tha thu ’nad aonar no mas e rìgh a th’ annad.|Ionnsaigh: Gnìomhaich
+04:54=Steall sruth dhe bhleideagan steigeach.|Tog drochaidean, tòrr nàimhdean, dùin tunailean.|Thoir an aire nach cuir thu gin dheth ort fhèin!|Ionnsaigh: Gnìomhaich|Suas/Sìos: Lean ort ’ga amas|clì/Deas: Gleus neart an steallaidh
+04:55=Till dhan linn-deighe!|Cuir reòthadh air gràineagan, dèan an làr sleamhainn no sàbhail thu fhèin on bhàthadh le reòthadh an uisge.|Ionnsaigh: Gnìomhaich/Cuir à gnìomh an gath-reòthaidh|Suas/Sìos: Lean ort ’ga amas
+04:56=Tilg dà chorc air do nàimhdean no cleachd iad gus bealaich is tunailean a bhacadh no gus sreap leotha!|Thoir an aire! Tha cluich le sgian cunnartach.|Ionnsaigh: Cum sìos gus an tilgeil le barrachd neart (dà thuras)
+04:57=Tog bann rubair lastaigeach sìnteach às a bhocas gràineagan is rudan eile gun a bhith|a’ fulang dochann tuiteim.|Clì/Deas: Atharraich comhair a’ bhanna rubair|Cùrsair: Cuir am bann rubair air ionad dligheach
+04:58=Sgiathaidh am boma fagais seo san adhar gu saor agus leanaidh e air a’ gràineag a tha cho mì-fhaiceallach ’s a thèid i ro fhaisg air.|Chan eil an spreadhadh aige cho làidir ’s a tha aig a’ mhèinn thìreach co-dhiù.|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart
+
+; Game goal strings
+05:00=Modhan a’ gheama
+05:01=Seo na riaghailtean a bhios an gnìomh
+05:02=Dùin: Dìon na dùin agad; sgrios na nàimhdean!
+05:03=Iom-tharraing ìosal: Coisich gu cùramach
+05:04=Do-leònaidh: Tha na gràineagan (cha mhòr) do-leònta
+05:05=Sùgh fala: Thèid na gràineagan a shlànachadh le 80% dhen dochann a fhuair iad
+05:06=Karma: Fulaingidh na gràineagan airson an dochainn a rinn iad
+05:07=Dìon an rìgh: Na leig leis an rìgh agad bàsachadh!|Cuir an rìgh ann: Tagh ionad-tòiseachaidh dìonta airson an rìgh agad
+05:08=Cuir ann gràineagan: Tagh ionadan nan gràineagan agad mus tòisich an geama
+05:09=Làmhachas: Chan urrainn dha na gràineagan agad coiseachd gu ionad eile
+05:10=Tìr do-mhillte: Cha mhill a’ mhòrchuid a dh’airm an tìr
+05:11=Connadh co-roinnte: Co-roinnidh gach sgioba air a bheil an t-aon dath an cuid connaidh
+05:12=Tìmearan nam mèinnean: Spreadhaidh mèinnean às dèidh %1 diog(an)
+05:13=Tìmearan nam mèinnean: Spreadhaidh mèinnean sa bhad
+05:14=Tìmearan nam mèinnean: Spreadhaidh mèinnean às dèidh 0 – 5 diogan
+05:15=Atharraichear dochainn: Nì (cha mhòr) a h-uile arm %1% a dhochann
+05:16=Thèid slàinte nan gràineagan uile ath-shuidheachadh air deireadh na cuairte
+05:17=Thèid gràineagan nan IF ath-ghintinn nuair a gheibh iad bàs
+05:18=Ionnsaighean gun chuingeachadh
+05:19=Thèid na h-airm ath-shuidheachadh air deireadh na cuairte
+05:20=Cha cho-roinn na gràineagan na h-airm
+05:21=Sgiabag sgioba: Gabhaidh na sgiobaidhean ann an cinneadh cuairt fear mu seach|Ùine cho-roinnte: Co-roinnidh na sgiobaidhean ann an cinneadh ùine nan cuairt