share/hedgewars/Data/Locale/tips_gd.xml
author Wuzzy <Wuzzy2@mail.ru>
Sat, 01 Dec 2018 23:31:35 +0100
changeset 14378 3baee596a989
parent 14213 3f6a6277f8e9
child 14826 af0f06b77908
permissions -rw-r--r--
Apply Pas2C fix suggested by unC0Rr

<!-- This is not xml actually, but it looks and behaves like it.
     Including an xml library would need too much resources.
     Tips between the platform specific tags are shown only on those platforms.
     Do not escape characters or use the CDATA tag. -->
<tips>
    <tip>Airson cluiche ann an cinneadh, cha leig thu leas ach an aon dath a thaghadh ’s a thagh caraid. Stiùirichidh sibh na gràineagan agaibh fhèin fa leth fhathast ach caillidh no buannaichidh sibh còmhla.</tip>
    <tip>Tha airm ann nach dèan ach beagan a dhochann ach dh’fhaoidte gum bi iad glè èifeachdach a-rèir an t-suidheachaidh. Feuch gun cleachd thu Iolaire an fhàsaich gus iomadh gràineag a chur dhan mhuir.</tip>
    <tip>Mur eil thu cinnteach na nì thu agus mur eil thu airson connadh a chaitheamh gun fheum, leig seachad do chuairt. Ach na fuirich ro fhada on a thigeadh bàs obann ort!</tip>
    <tip>A bheil thu airson ròpannan a shàbhaladh? Leig às an ròpa fad ’s a bhios tu san adhair is loisg e a-rithist. Cho fad ’s nach bean thu ri tìr is a chuimsicheas tu gu soirbheachail, cleachdaidh tu an ròpa agad a-rithist gun a bhith a’ caitheamh connaidh!</tip>
    <tip>Mur eil thu ag iarraidh gun cleachd daoine eile am far-ainm as fhearr leat air an fhrithealaiche oifigeil, clàraich cunntas air <a href="https://www.hedgewars.org/">https://www.hedgewars.org/</a>.</tip>
    <tip>A bheil thu seachd searbh dhen gheama àbhaisteach? Feuch fear dhe na miseanan — bheir iad dòigh-chluiche eadar-dhealaichte dhut a-rèir an fhir a thagh thu</tip>
    <tip>Clàraichidh sinn an geama mu dheireadh a chluich thu mar demo gu fèin-obrachail. Tagh “Geama ionadail” agus tagh putan nan “Demo” taobh deas aig a’ bhonn gus an cluich no an stiùireadh.</tip>
    <tip>’S e bathar-bog saor (Open Source) a th’ ann an Hedgewars a tha sinn a’ cruthachadh gu saor-thoileach. Ma tha duilgheadas agad, faighnich air a’ bhòrd-bhrath no tadhail air an t-seòmar IRC againn!</tip>
    <tip>’S e bathar-bog saor (Open Source) a th’ ann an Hedgewars a tha sinn a’ cruthachadh gu saor-thoileach. Ma tha e a’ còrdadh riut, nach doir thu tabhartas airgid no obrach dhuinn?</tip>
    <tip>’S e bathar-bog saor (Open Source) a th’ ann an Hedgewars a tha sinn a’ cruthachadh gu saor-thoileach. Co-roinn e le do theaghlach is caraidean mar a thogras tu!</tip>
    <tip>’S e bathar-bog saor (Open Source) a th’ ann an Hedgewars a tha sinn a’ cruthachadh gu saor-thoileach a cum tlachd! Coinnich ris an luchd-leasachaidh ann an <a href="irc://irc.freenode.net/hedgewars">#hedgewars</a>!</tip>
    <tip>Bi fèill-chluiche oifigeil againn o àm gu àm. Sgaoilidh sinn brathan-naidheachd mu na tachartasan air <a href="https://www.hedgewars.org/">https://www.hedgewars.org/</a> beagan làithean ro làimh.</tip>
    <tip>Tha Hedgewars ri fhaighinn ann an iomadh cànan. Ma tha an cànan agad a dhìth no an t-eadar-theangachadh ro shean, nach cuir thu fios thugainn?</tip>
    <tip>Gabhaidh Hedgewars a ruith air iomadh siostam-obrachaidh, a’ gabhail a-steach Microsoft Windows, Mac OS X agus GNU/Linux.</tip>
    <tip>Cuimhnich gur urrainn dhut na geamannan agad fhèin a suidheachadh air an lìonra ionadail no air loidhne. Tha barrachd roghainnean na geama simplidh agad.</tip>
    <tip>Ma tha iomadh pada-geama agad, ceangail iad ris mus tòisich thu an geama agus sònraich an stiùireadh dha na sgiobannan agad.</tip>
    <tip>Bu chòir dhut beagan fois a ghabhail on chluich gach uair a thìde air eagal ’s gun cuir e an sgithear ort.</tip>
    <tip>Mur eil comas luathachaidh bathair-chruaidh OpenGL aig a’ chairt-ghrafaigeachd agad, feuch an cuir thu an comas modh na càileachd ìseil gus piseach a thoirt air an dèanadas.</tip>
    <tip>Mur eil comas luathachaidh bathair-chruaidh OpenGL aig a’ chairt-ghrafaigeachd agad, feuch gu ùraich thu na draibhearan aice.</tip>
    <tip>Cuiridh sinn fàilte air molaidhean is beachdan cuideachail. Ma tha rud ann nach eil a’ còrdadh riut no ma tha deagh bheachd agad, innis dhuinn mu dhèidhinn!</tip>
    <tip>A chum do mhath fhèin, iarraidh sinn ort gum bi thu modhail is càirdeil nuair a chluicheas tu air an fhrithealaiche againn. Thoir an aire cuideachd gu bheil clann am measg nan cluicheadairean!</tip>
    <tip>Leigidh modhan geama sònraichte mar “Sùgh fala” no “Karma” leat beachdachadh air ro-innleachd ùr. Feuch iad ann an geama gnàthaichte!</tip>
    <tip>Na stàlaich Hedgewars air coimpiutairean nach eil leatsa (can aig an sgoil, oilthigh no obair) ach mur eil cead agad. Cha bu mhiann leat gun èirich trioblaid dhut.</tip>
    <tip>Gabhaidh Hedgewars a chluich gu luath nuair a ghabhas tu stad goirid. Dèan cinnteach nach cleachd thu guc ghràineagan no mapa glè mhòr. Feuch gun ìslich thu an ùine ’s an t-slàinte cuideachd.</tip>
    <tip>Cha do dh’èirich beud dha gràineag nuair a rinn sin an geama seo.</tip>
    <tip>Tha trì leuman eadar-dhealaichte ann. Thoir gnogag air [high jump] dà thuras airson leum air ais glè àrd.</tip>
    <tip>An t-eagal ort ro oir chreagan àrda? Cum sìos [precise] gus tionndadh  [left] no [right] gun a bhith a’ gluasad.</tip>
    <tip>Iarraidh cuid a dh’airm ro-innleachdan sònraichte no torr trèanaidh, mar sin na leig seachad acainn shònraichte mura buail thu air an nàmhaid gach turas.</tip>
    <tip>Chan obraich a’ mhòrchuid a dh’airm nuair a bheanas iad ris an uisge. Obraichidh an seillean-amasaidh agus a’ Chèic co-dhiù.</tip>
    <tip>Chan adhbharaich seann-chàise Limburg ach spreadhach beag. Thig neul droch-bholaidh aiste co-dhiù a bheir puinnsean air iomadh gràineag aig an aon àm.</tip>
    <tip>’S e an ionnsaigh adhair a nì as motha dochann a tha sa chlàrsach mhòr. Caillidh tu a’ ghràineag a thilgeas e, ’s mar sin thig droch-bhuaidh ’na cois cuideachd.</tip>
    <tip>Chan eil an seillean-amasaidh furasta cleachdadh. Tha rèideas a thionndaidh an eisimeil air dè cho luath ’s a thèid e, mar sin feuch nach cleachd thu air làn-chumhachd e.</tip>
    <tip>’S e acainn fhoirfe a th’ anns na mèinnean steigeach gus frith-spreadhadh adhbharachadh a chuireas gràineagan nàmhad ann an staing... no dhan uisge.</tip>
    <tip>Tha an t-òrd as èifeachdaiche nuair a chleachdas tu air drochaid no teannadair e. Ma bhuaileas tu air gràineag leis, cha dèid ach an làr a bhriseadh.</tip>
    <tip>Ma tha thu stuicte air cùlaibh gràineige eile, cleachd an t-òrd gus do shaoradh gun a bhith a’ fulang dochann o spreadhadh.</tip>
    <tip>Tha astar coiseachd na cèice an eisimeil air an làr a thèid i tarsaing. Cleachd [attack] gus a spreadhadh tràth.</tip>
    <tip>’S e arm a tha sa ghunna loisgidh ach gabhaidh a chleachdadh gus tunailean a chruthachadh cuideachd.</tip>
    <tip>Cleachd am Molotov Cocktail no an gunna loisgidh gus gràineagan a cumail air falbh o thìr mar thunailean no ùrlaran rè seall.</tip>
    <tip>A bheil thu airson faighinn a-mach cò rinn an geama seo? Briog air suaicheantas Hedgewars air a’ phrìomh chlàr-taice gus an t-urram a shealltainn.</tip>
    <tip>An toigh leat Hedgewars? Lean oirnn air <a href="https://www.facebook.com/Hedgewars">Facebook</a> no air <a href="https://twitter.com/hedgewars">Twitter</a></tip>
    <tip>Dèan na dealbhan agad fhèin dha na cladhan, adan, brataich no fiù ’s mapaichean is ùrlaran mar a thogras tu! Ach thoir an aire gum feum thu an co-roinneadh am badeigin mus cleachd thu air loidhne iad.</tip>
    <tip>Cum na draibhearan video agad cho ùr ’s a ghabhas ach nach èirich duilgheadas dhut le cluich a’ gheama.</tip>
    <tip>Ceann no bonn? Sgrìobh “/rnd” san lobaidh is gheibh thu a-mach. Obraichidh “/rnd rock paper scissors” cuideachd!</tip>
    <tip>’S urrainn dhut faidhlichean Hedgewars (geamannan air an sàbhaladh ’s clàraidhean demo) a cho-cheangal ris a’ gheama ach an tòisich thu iad on bhrabhsair fhaidhlichean no brabhsair-lìn as fhearr leat sa bhad.</tip>
    <tip>Chan eil mèinn nach do spreadh gun chunnart: Ged a tha a tìmear briste, ’s urrainn dhi spreadhadh fhathast ma bhuailear rithe cus!</tip>
    <tip>Tha a’ ghaol teth! Cleachd an t-suirghe gus gràineagan reòite a leaghadh.</tip>
    <tip>Tha toit a thig à baraill ’na shanas dhut gu bheil “slàinte” ìosal air agus gu bheil e buailteach spreadhadh ma dh’fhulaingeas e beagan dochainn.</tip>
    <tip>Bidh slàinte dhe 60 air baraill an toiseach agus fulaingidh e dochann mar a dh’fhulaingeas gràineag, mar sin feumaidh tu am milleadh mus spreidh iad.</tip>
    <tip>Feumach air barrachd cumhachd bocaidh? Atharraich neart a’ bhocaidh aig durcain-spreadhaidh, bomaichean sgapaidh, seann-chàise agus mèinnean ’s tu a’ cumail [precise] sìos ’s a’ brùthadh air iuchair tìmeir.</tip>
    <tip>Na dhìochuimhnich thu dè na h-amasan no atharraichearan a’ gheama? Brùth air iuchair a’ chuir ’na stad no na fàgail gus sùil a thoirt orra a-rithist!</tip>
    <tip>’S urrainn dhut nithean nach eil ’nan gràineagan a bhualadh cuideachd. Buail orra uile!</tip>
    <tip>Mura dèid an caochladh innse dhut, spreidhidh mèinnean às dèidh 3 diogan.</tip>
    <tip>Ann am modh an rìgh, tòisichidh an rìgh le slàinte ’s neart a bharrachd agus fulaingidh e nas lugha a dhochann na a chuideachd.</tip>
    <tip>Ann am modh an rìgh, fulaingidh an rìgh dochann gach cuairt nach eil cuideachd air fhàgail dha san sgioba.</tip>
    <tip>Buailidh a’ chuip air gràineagan is nithean taobh thall balla thana cuideachd.</tip>
    <tip>Mar as luaithe a ghluaiseas corc ’s ann nas motha a dhochann a nì i.</tip>
    <tip>’S urrainn dhut cèic a leigeil tuiteam o chreag ach feumaidh tu seasamh glè dhlùth air an oir, mar sin thoir an aire.</tip>
    <tip>Cleachd an ròpa agad gus gràineagan eile a bhruthadh air falbh, can le sleamhnachadh air an làr. Canar “gnogag ròpa” ris a’ chleas seo.</tip>
    <tip>Na fuirich ’nad sheasamh air sliabh deighe ach nach tuit thu. ’S urrainn dhut [precise] a cumail sìos mar roghainn eile.</tip>
    <tip>Air tìr an t-sneachd ’s na Nollaige, bidh cur ’s cathadh ann ach mura gabh an tìr milleadh.</tip>
    <tip>Thoir an aire air tìr an t-sneachd ’s na Nollaige on a bhios na teannadairean ’nan deigh shleamhainn.</tip>
    <tip>Tha ùine a’ chùlachaidh an eisimeil air an arm a chaidh a chleachdadh. Thoir an aire o nach eil ùine cùlachaidh air cuid a dh’airm idir ’s gun cuir iad crìoch air a’ chuairt agad sa bhad!</tip>
    <tip>Le beagan sgil, ’s urrainn dhut gràineagan a bhrùthadh nuair a leumas tu às am bonn.</tip>
    <tip>’S urrainn dha ionnsaigh le shoryuken, piocaid ’s òrd no gunna sìneis aig an àm ceart an dochann tuiteim a chur gu neoni.</tip>
    <tip>Cha bhuail go ghràineag ri astasan nuair a bhios i san adhar.</tip>
    <tip>Tha na tuill a nì rocaidean tochlaidh, isnich fàtha agus iolaire an fhàsaich mòr gu leòr ach an tilg thu tele-phortadh tromhpa – ma tha d’ amas ceart.</tip>
    <tip>Tog creat ciad-fhuasglaidh gus puinnsean air do ghràineag a leigheas.</tip>
    <tip>’S urrainn dhut creataichean a chruinneachadh le itealan, shoryuken, piocaid ’s òrd no kamikaze cuideachd.</tip>
    <tip>Thoir an aire nach sprèidh thu na gràineagan agad fhèin nuair a chleachdas tu lòchran gus teannadh air creat.</tip>
    <tip>Mairidh mèinnean adhair ’nan tàmh fad 5 aig toiseach cuairte mus tòisich iad air gràineagan a shireadh.</tip>
    <tip>Cum astar sàbhailte o na mèinnean adhair! Nuair a bhios mèinn adhair às do dhèidh, bidh e doirbh teicheadh gun acainnean.</tip>
    <tip>Spreadhaidh mèinnean adhair às dèidh cairteal dhen ùine a shuidhich thu airson mèinnean àbhaisteach.</tip>
    <tip>Nuair a dh’fhulaingeas corc 30 no an corr de dhochann leis an aon bhuille, tha teans gun tuit e far na tìre. Meudaichidh an teans seo a-rèir an dochainn.</tip>
    <tip>Thoir an aire air a’ ghaoth on a bhios buaidh aice air lasairean agus cuid a dh’astasan.</tip>
    <tip>Cleachd lòchran gus gràineagan agus mèinnean le tìmear fada a bhrùthadh.</tip>
    <tip>Abair spreadhadh mòr a dh’adhbharaicheas lòchran ri baraill!</tip>
    <tip>Cuir a-steach “/help” sa chabadaich airson liosta de dh’àitheantan na cabadaich. Bheir àitheantan na cabadaich gleusan sònraichte dhut, can beumadh no bhòtadh.</tip>
    <windows-only>
        <tip>Gheibh thu greim air faidhlichean rèiteachaidh Hedgewars anns “Na sgrìobhainnean agam\Hedgewars”. Cruthaich lethbhreacan-glèidhidh no thoir na faidhlichean leat ach na deasaich iad a làimh.</tip>
    </windows-only>
    <mac-only>
        <tip>Gheibh thu greim air na faidhlichean rèiteachaidh Hedgewars agad ann an “Library/Application Support/Hedgewars”. Cruthaich lethbhreacan-glèidhidh dhe na faidhlichean no thoir iad leat ach na deasaich iad a làimh.</tip>
    </mac-only>
    <linux-only>
        <tip>Gheibh thu greim air na faidhlichean rèiteachaidh Hedgewars agad ann an “.hedgewars”. Cruthaich lethbhreacan-glèidhidh dhe na faidhlichean no thoir iad leat ach na deasaich iad a làimh.</tip>
    </linux-only>
</tips>